7
Am freagradh.
Ge do chuaidh mo phosadh,
Cha bu deonach mi fèin air,
Nuair dh’ amhairc mi ’m dheighidh,
’S e mo raoghuinn a threig mi,
Og ùr a chuil ghasta,
Bu tu mo thaitneachduinn ceile,
’S truagh a ghaoil gun mi mar-riut,
Fuidh sparadh na deile.
Ge d’ thig fear mo thaighe, dha-thighe
Cha dean mi ris fàilte,
Cha dean mi ris cridhealas,
Bruithinn no gaire,
Tha e nochd sa cheann iosal,
Fear nach do dhireadh air faillinn,
Dh fhag sud mise fuidh eislein,
Fad mo rè is mo laithean.
Tha mo chion do ’n fhleasgach,
Dhonn leadanach bhoidheach,
Do n fhine nach striochda,
Do fhion-fhuil chlann Domhnuill,
’S ann a ghabb mi mo chead diot,
Aig an Eaglais Diadomhnaich,
’S ge nach d’ fhaod mi bhi caint riut,
Bha shant ni bu leoir orm.
Gur a truagh nach robh mise,
Gun fhios air do chulthaobb,
’N an togbhail na lice,
Agus briste na h urach,