This page has been proofread.
8
Cha n iaruinn do chiste,
Ach mo shlios a bhi dluth riut,
Sgeul a sgath as mo cheudfaidh,
’S ann do n eug thug thu cuntas.
Chuireadh air leth fear air calpa na tairne.
Suitheadh air calpa na tairne,
Fear gun soistin
Snaomanach fuasgailteach scairteil,
Foinni solta.
Duine curamach gun ghriobhag,
Ealladh gruamach,
A bheir uaipe ’s dhith mar dh fheumas,
Gleusta luai’neach.
Luidheas le spaoghanan troma,
Treun air taruin.
Air cudram a dhoid a cromadh,
Dhiunsaidh daraich.
Nach ceangail le sparraig mun urracaig,
An taod frithir,
Ach gabhail uime daingean seolta,
Le lub rithidh;
Air eagal nar scairte an tausadh,
I chuir stad air,
Los i ruidh na still le cronan,
Bhar na craige.
Crioch.