Jump to content

Page:Gille dubh ciar-dhubh.pdf/6

From Wikisource
This page has been proofread.

6

Page Template:Block center/styles.css has no content.

Gur tri nith thig gun iaraidh,
Gaol, iad agus eagal.

Gur mise th’air mo leonadh,
Mu mhnaoi oig a chuil duinn,
’S tu dheanadh mi slan,
Ge do tha mi gu tinn.
Tha do ghruaidh mar na caorainn,
Do shlios mar fhaoilinn air tuinn,
’Se bhi sealltuinn a’ t aodunn,
A b’ aobhaiche leom.

’S truagh nach robh mi ’s mo leannan,
Ann sa ghleannan an uaigneas,
No sa bhadan bheag choille,
Far an goireadh na cuachabh,
Thu sinte ann m’ bhreacan,
Dluth paisgt ann m’ shuanaich,
Gu m faighinn le deon,
A ghaoll do phog is cha b’ fhuathach.

Gur dion-buitheach mi ’t athair,
Da luchd taighe ’s do d chairdean,
Le an litrichibh brèige,
Mar a threig iad do ghradh orm;
Bha ’n dream dheth ’n robh sinne,
Lan toil agus ardain,
’S e ar cumail o cheile,
Dh fhag fuidh eislein brath mi.