Jump to content

Page:Gille dubh ciar-dhubh.pdf/5

From Wikisource
This page has been proofread.

5

Page Template:Block center/styles.css has no content.

Beir mo shoraidhse thairis,
Do m’ leannan do n bhraidhe,
’S nuair chluinneas i n aithris,
Cha mhaith le mar tha mi,
Mi gun sugradh gun aiteas,
’S gur e chleachd mi bhi ’g abhachd,
’S e cumha do phoige,
A leon thun a bhais mi.

Ge bu shochdair mo leaba,
Cha do chaidil mi ’n raoir,
’S nach d fhuaras tu agam,
Ann an taice ri m’ thaobh,
’N am dhomh dusga sa mhaduinn,
Bha thu fada ’o m’ ghlaodh,
’S mor a b’ fheairde mi agam,
Aon aiteal do m’ ghaol.

Cha n è ro-mhiad do nithe,
Tha mise aig iargain,
Ach mi m’ laidhe so m’ aonar,
Ri smaontinean diamhain,
Gheibhinn bean ann ’s an tir so,
’G a bheil ni ’do shiol Diarmaid,
’S aig na thug mi do ghradh dhuit,
Gu ’m bi dail aice am bliadhna.

Tha mise fuidh sprochd,
A ghaoil o thoiseach mo cheist òrt,
’S deir gach aon neach do m’ sheorsa,
Nach bu ghoraiche bheag sin,
Mar gabh laigse na feola,
’S an oige mo leithsgeul,