This page has been proofread.
4
Mo ghille dubh boidheach,
Ge gorach le cach thu,
Dheanuinn do phosadh,
Gun deoin mo chairdean,
Shiubhlainn leat fada,
Feadh laganan fasaich,
’S an gille dubli ciar-dhubh,
A tighin fo’m uidh.
Mo ghille dubh laothach,
’S neo racghain leom d’ fhagail,
Na’m faicin an cuideachd thu,
Thaoghainn roimh chach thu,
Ge’d fhaicinn coig mile,
Air chint gur tu b’fhearr leom,
’S an gille dubh ciar-dhubh,
A tighin fo’m uidh.
Do dh Inghean fir thir na Dris, le Mac fir Dhail’neas.
Tha mise so ’m laidhe,
’N leabaidh chumhainn chaoil chlaraidh,
Tha mò cheann air a lionadh,
Le fiabhras mio-nadur,
Cha ’n fhuachd is cha teas dhomh,
Cho ’n ’eil fios ciod cradh dhomh,
’S ann tha toiseach mo ghalair,
Mu m’ sgamhan ’s mu m’ airnean.