3
Dh’ uisge dubh an loin,
Cho deonach ’s ge b’fhion e,
Ge d’ tha mi gun storas,
Tha na leoir teachd a’ m’ iarruidh,
’S cha ghabh mi fear liath,
’S tu tighin fo’m uidh.
B eibhin leomsa coir,
Air a ghille dhubh chiar-dhubh,
Fhaotainn ra phosadh,
Na ’n deonuiche Dia e,
Rachuin leat do’n olaiud,
O choin b’e mo mhiann e,
’S cha ghabh mi fear liath,
’S tu tighin fo’m uidh.
Briodal beoil thu,
Gradh na m ban og thu,
Poitear fion thu,
’S an saoidh nach soradh,
’S thu fearrail fearra-bhuilleach,
Sealagair air mointich;
’S cha ghabh mi fear liath,
’S tu tighin fo’m uidh.
’Sluaineach mo chadal,
O mhaidin diaciadain,
’S bruaidleineach ’m aigne,
Mar furtaich thu Dhia orm,
Mi ’n roair air dhroch leabaidh,
Cha ’n fhada gu’ ’n liath mi,
’S an gille dubh ciar-dhubh,
A tighin fo’m uidh.