Jump to content

Page:Gille dubh ciar-dhubh.pdf/2

From Wikisource
This page has been proofread.

An Gille dubh Ciar-dhubh.

Cha dirich mi brughach,
’S cha siubhail mi mointeach,
Dh’ fhalbh mo ghuth cinn,
’S cha seinn mi oran,
Cha chaidill mi uair,
O luain gu domhnach,
San Gille dubh ciar-dhubh,
Aig tighin fo ’m uidh.

Struagh nach robh mi,
Sam gille dubh ciar-dhubh,
An aodann na beinne,
Fo shileadh nan siontuin,
An lagan beag fasaich,
Na ’n aiteigin diamhair,
’S cha ghabhain fear liath,
’S tu tighin fo’m uidh.

Dh’olainn deoch-slainte,
A ghille dhuibh chiar-dhuibh,