Jump to content

Moladh air Piob-mhòr Mhic Cruimein

From Wikisource
Moladh air Piob-mhòr Mhic Cruimein (1751)
by Alasdair mac Mhaighstir Alasdair
154081Moladh air Piob-mhòr Mhic Cruimein1751Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Moladh air Piob-mhòr Mhic Cruimein

A’ Phìob
’S iomadh baintighearn’ bha spèiseil mu an chèile bh’ aig Mòraig;
gun àirmhear mi fhèin diubh ’s gach tè tha de m’ sheòrsa;
mhol e phìob, anns gach grìd, b’ fheàrr a prìs cheòlmhor,
’na buadhannan mòra, ’na gaisge ri còmhrag;
O, fhad’s bhios bìog na aon dìorr no gnè chlì ’m chòmhradh,
’s gun an fhorc a bhith ’m mheòirean, gu mol mi ri m’bheò thu.

Am Bard
Leam as mùirneach ’n àm èirigh cruaidhsgal èibhinn do sgòrnainanail-
beatha do chreubhaig ga sèideadh troimh d’ phòraibh;
cinnidh às port nach tais làn de thlachd sòghrach,
’s e fonnmhor mear bòidheach, gu h-inntinneach lòghmhor.
ceart is blas, caismeachd bhras, ùrlar cas còmhnard,
gun reasgaich gun chrònan gun slaodaireachd mheòirean.

’N àm don ghrèin dol da h-èideadh, ’s tric leat èirigh o d’ sheòmar,
gu trusganach ceutach ’s ribein glè ghrinn den t-sròl ort;
d’ àrd-ghlaodh suas, sgairteil fuaim, madainn fhuar reòthta
dol san ruaig-chòmhraig, bheirte sluagh beò leat;
gur spreòdadh cruaidh d’alarm-sa luath, neach is tuar gleòis air –
gun toir mi fhìn bòidean gu mol ri m’ bheò thu.

Corp mìn-chraicneach, glè ghlan, làn de shèideagan-cruadail;
do cheud sgairt neartmhor, eutrom, mosglaidh ceudan bho ’m fuar-ghreann;
le mòr sgairt, thèid gu grad, an airm ’s am brat-buailte,
le foirmealachd uallaich, ’s craobh-fheirge ’n an gruaidhean,
spàinteach glas cùil nan clais, siar gach bachd-cruachain,
grad, ullamh gu tuasaid, le sgal sionnsair ’g am buaireadh.

’S mòr tha ’mhaise ’s de mhisnich ’s de dheagh ghibhtean ’nad ùrlainn,
pròiseil, stuirteil, fìor-sgiobaidh, ’s gur neo-mheata cur giùig ort;
goic nam buadh ’s àghmhor gruaim a dh’ fhàgas sluagh creuchdach,
gu marbhadh ’s gu reubadh, le caithream nan geur-lann,
pìob ’s i suas ’s dìonach nuall, meur-chruinn luath leumnach,
toirm thrileanta bhlasda, ’s fìor bhasdalach beucail.

Nuair a nochdar a’ bhratach, b’ ait leam basgar do shionnsair
le d’bhras shiùbhlaichean cnapach, teachd le cneatraich bho d’ chrùnluth;
caismeachd dhlùth ’s pronn-mhin lùth, teachd le rùn reubaidh,
gearradh smùis agus fhèithean, le d’ sgal ghaoir ag èigheach;
cò den t-sluagh nach cìnn luath fo d’spor cruaidh gleusda –
chan eil anam an creubhaig, làn de mhisnich nach sèid thu.

Chuireadh cnapraich do bhras-mheur, gach aon aigne gu cruadal;
do thorman dionach le lasgar, ard, bìnn, caismeachd an fhuathais,
lùths is spìd, luaths le clìth, ’s mòr-neart fìor chuanta,
gu sàthadh, ’s gu bualadh, ’s gu cuirp chur an uaighean,
beuc na pìob ’s i cur dhith, sìor-sgrios ghniomh-luaineach;
riamh ri uchd-bualaidh, ’s crann àghmhor ’s an ruaig thu.

Molam ceòl agus caismeachd; crann-taitneach mo rùin-s’ thu
chuireadh t’ iolach fo d’ bhrat-bhrèid, ruinn-cholg gaisge ar sùilean;
righ nan ceol, ’n àm na slòigh bhi ’n am mòr-èideadh,
gu stròiceadh ’s gu reubadh, chur chorp as a chèile.
Ri uchd-ghleois ’s bras do mheòir, le d’ anfhadh glòir-ghleusta.
Dol air aghart gu sgairteil ’s leantuinn bhras ’s an ratreuta.

Rinn thu òinid den chlàrsaich, searbh mar ràcadail fìdhle –
ciùil bhochd, mhosgaideach, phràmhail, airson sheann daoin is nìonag;
ri uchd goil, b’ fheàrr aon sgal bho d’ thuill mhear fhìnealt
gam brosnadh ’s gan grìosadh ann an caithream thoirt grìosaich,
toirm do tholl pronnadh phong cruinnchruaidh lom dìonach.

B’ fheàrr san àm sin do bhrothlainn na uil’ orfhaid na Crìosdachd.
Torman siubhlach dhos fàinneach, ’s milis gàirich is crònan;
bùirean cuilce ’s binn àrd-ghaoir, teachd bho fhàslaichean ceòl-chaol;
sionnsar donn ’s foirmeil fonn, ’s sgiamhach bonn rò-ghrinn;
gun ghaise gun fhòtus, ’s rifeid gheur chòmhnard;
brat mìn, trom plapraich crom, sìoda lom, crò-dhearg,
mar shuaicheantas còmhraig’ , ’s e srannraich ri mòr-ghaoith.

B’ ait bhi ’g amharc ad eudann ’n am bhi sèideadh do shròine;
tha Mars gaisgeil ’n a èideadh, ri sior-shèitrich fo d’ chòtan.
’N uair chuirear suas do ghlaodh cruaidh, roimh ’n bhras-shluagh chòmh-stritheach,
cinnidh daoine ’n an leòghanna fuileachdach, beòtha.
Bidh bras ruaim ghuineach, ruadh, anns gach gruaidh fheòlmhoir;
’s le mòr lasgar do bhras-phort, cha ’n ath iad bhi deònach.

B’e sud an gothadh fìor labhach a’ dol air aghart ’s a’ mhàrsail;
ann ad chorp cumail stadhaidh a’ dol am fradharc do nàmhaid;
’s iomadh fear bheir fo-near d’ fhacail mhear, ghràsmhor,
’g an spreòdadh ’s na blàraibh, le mear-ghaoith do mhàla;
’s rabhadh trom, gach aon phonc, thig bho d’ chom gàireach;
sìor bhrosnachadh teine, ’s tarruing sgoinneil air chlàidhean.

Chuireadh tusa le d’ bhuaidhean, gaoir dhearg chruadail ’s gach ìnntinn;
shiubhladh tu le d’ thoirm uallaich, gach ball uasal ’s cha dìbir,
dhannsadh bras, ar thoirt as le fìor-bheachd mì-chuis;
gach crìdh’ a bhios rìoghail, ’n an comaibh gun dìbleachd;
thèid air ghleus gach aon chrè le misg-chath’ ghèir, dhìleas;
’s le brosdadh do bhras-phort, gun’n casgradh iad mìltean.

Gur susbaint fìor thorach corp so-ghràdhach na pìoba;
lom-làn loinne mu broilleach, sios gu coleir a fìdeig’;
buill do chuirp sheinneas puirt le ceòl-stuirt bìogail,
troimh d’ ochd uinneagan finealt’ thig arm-chaismeachd nam mìlidh;
’s toirm do bhruit ri sìor-chluith am bàrr do dhuis rìomhaich,
seòid a mhosgladh nan gaisgeach, le foirm bhras-phort ’g an grìosadh.

’S co tiugh gach òrraichean sèitreach, mu d’ghnùis cheutaich a’bòrcadh,
ri meanbh-chuileagan cèitein mu bhoc a’ rèiceil air lònan;
gràdh do chom choisneas bonn, le d’shreath tholl òrdail,
teachd ’n a thailmrich bhinn bhòidhich, troimh ochd dhorsan do sheòmair.
Muineal crom, phronnas pronn puirt le fonn còmhraig;
cliath is tartarach taghal, breabraich, stadhadh, is motion.

Suas ’n uair nìtear do spalpadh ann an achlais do chèile;
roimh d’ chaol-ghaothaire snasmhor, gaoth ’nad phearsa ’ga sèideadh,
meòirean a ruith air bhall-chrith, ’s iad ri frith-leumraich,
air sionnsair donn, gleusta, ’s binn goileam a’ chlèibh sin;
dearrasan bruit, gaoirich duis, gun tuisleadh ’ga bheusadh;
air slinnein borb an fhir-bhrataich, gathan gasd’ agus brèid ris.

An crann mu ’n cruinnich na ceudan, ’n àm cruaidh gheur thoirt a truaillean;
làn airm agus èididh, ghunnach, ghleusta gu cruaidh-chùis;
crìth gu feum air gach treun, làn de shèid-ghruamaich,
le d’ lasgan buadhach, sparradh ascaoin ’s na sluagha.
Mars ’na leum anns an speur, air each dearg ceum-luaineach;
’n a laimh a chlaidheamh ’ga chrathadh, ’s misg-chatha ’na ghluasad.

Mhoire, ’s ionmhuinn leam fhein thu seach an cèile bh’ aig Deòrsa;
a’ Bhan-Chruimeineach bheusach, mhaiseach, bhrèid-ghlan, gun fhòtus;
bean gun bheud, ’s i gun eud, làn de shèid-shòlais,
an geal ghlacan d’ fhir-phòsta, ’gad chniadach ’s ’gad phògadh;
O ! ’s fortan cruaidh nach eil d’ fhuaim am chluais feadh ’s bu bheò mi.
Ceòl is caismeachd mo chridhe bhan-Sgiathanach ghlòrmhor!


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.