Cuachag an Fhàsaich
Cuachag an Fhàsaich
An seisde Chorus
A bhanarach dhonn a’ chruidh,
Chaoin a’ chruidh, dhonn a’ chruidh,
Cailin deas donn a’ chruidh,
Cuachag an fhàsaich.
A bhanarach mhìogach,
’S e do ghaol thug fo chìs mi,
’S math thig làmhainnean sìoda
Air do mhìn-bhasan bana.
’S mòr bu bhinne bhith ’d èisdeachd
’N àm bhith bleoghan na spèidhe
Na ’n smeòrach sa’ Chèitein
’M bàrr gèig ann am fàs-choill
.
Nuair a sheinneadh tu coilleag
A’ leigeil mairt ann an coillidh,
Thigeadh eunlaith gach doire
Dh’ èisdeachd coireal do mhànrain.
Ceòl farasda, fìor-bhinn,
Fonnmhor, faramach, dìonach
A sheinn an cailin donn, fìnealt
Bheireadh bìogadh air m’ àirnean.
Ged a b’ fhonnmhor an fhidheall
’S a teudan an righeadh,
’S e bheireadh danns air gach cridhe
Ceòl nighean na h-àirigh.
Tha deirg’ agus gile
A’ gleac an gruaidhean na finne,
Beul mìn mar an t-sirist
D’ am milis thig gàire.
Deud snasta na rìoghainn
Snaighte, cruinn mar na dìsnean,
Gur h-i an donna-gheal ghlan smìdeach
’S ro mhìog-shuileach fàite.
Chuireadh maill’ air do lèirsinn
Ann am madainn driùchd Chèitein
Na gathanan grèine
Thig o ’teud-chùl cas fàinneach.
’S ciatach nuallan na gruagaich
Ri bleoghan cruidh ghuailfhinn,
A’ toirt torman air cuachaig
’S bodhar-fhuaim aig a clàraibh.
’S taitneach siubhal a cuailein
Ga chrathadh mu ’cluasaibh
A’ toirt muidh’ air seist-luachrach
An taigh-buaile ’n gleann fàsaich.
A muineal geal bòidheach
Mu ’n iathadh an t-òmar,
A dhath fèin air gach seòrsa
Chìt’ a’ dòrtadh tre ’bràighe.
Dà mhaoth bhios bu ghrinne
Fon dà ghaoirdean bu ghile
Nuair shìnt’ iad gu h-innealt
Gu sinean cruidh fhàsgadh.
Dà chalpa na mainmnich
Mar phileirean mairbhill
Cho gile ri cainichein
Chinneas fanna-gheal sna blàraibh.
Gun bu mhòdhar mo bheadrach
Teachd don bhuaile mu eadradh,
Sèimh, sult-chorpach, beitir,
’S buarach ghreasad an àil aic’.
Do chùl amlagach, teudach,
Buclach, feòirneineach, glèidhteach,
De chnothan na gàige,
Cheapadh glèidhtich’ a làn diubh.
Bheireadh dùlan na grèine
Deàrrsadh moch air òr-sheudan,
’S gum b’ ait leam ra lèirsinn
Boillsgeadh èibhinn cùil Màiri.
Glac gheal a b’ àrd gleodhar
A’ stealladh bainne ’n cuaich bhleoghain,
A’ seinn nan luinneag bog seoghach,
A’ togail cobhair ri Blàraich.
Nuair a thogadh tu ’bhuarach,
Cuach is curasan na buaile,
B’ ao-coltach do ghluasad
Ri guanaig na sràide.
- - - - - - - - - - - - - - - - - - - -
- - - - - - - - - - - - - - - - - - -
Gur cùbhraidh leam t’ anail
Na caineal a’ mhargaidh.
Cha bhanarach glinn’ thu,
Cha tig àireach gad shireadh,
Ach duin’ uasal den fhineadh
Thèid don fhireach le ’phàirtidh.
![]() |
This work was published before January 1, 1930, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago. |