Clò Mhic Ghille Mhicheil
Clò Mhic Ghille Mhicheil
Sèist:
Hug air clò Mhic Ille Mhìcheil,
horo thugaibh hug dha-rìribh,
hug air clò Mhic Illle Mhìcheil.
Òganaich ùir a’ chùil teudaich,
’s oil leam eudach a bhith dhìth ort.
Chuir ’n Roinn-Eòrpa clò am beairt dhut,
’s gun tig e às cha bhi sìth ann.
Bidh i fighte, cùmte, luaidhte,
mus tig buain na Fèill mhìcheil.
Bheir Alba cuideachadh luadhadh
ma tha gruagaichean san rìoghachd.
Gum bi do chlò ruadh-sa luaidhte
le gaoir, fuil is fual ga shlìobadh.
Nì mi fhèin dhut sgioba clèithe
den phòr as gleust’ tha sa Chrìosdachd.
Gun tig bannal oirnn à Slèite,
’s air do chlèith-s’ gun dèan iad dìcheall.
Gun tig gruagaichean Chlann Ràghnaill,
còmhlain dhàicheil nach dèan dìobradh.
Thig sgiob’ eil’ à Gleanna Garadh
luaidheas gu faramch dìonach.
Gun tig nìghneagan on Cheapaich
a bheir caithris air mun sgìthich.
’S buidheann mhaighdeann à Gleann Comhann,
fùcadairen coimheach, rìoghail.
’S gheibh sinn sgioba eil’ à Eirinn,
o Iarl’ Anntraim nan steud rìomhach.
Gun tig Leòdaich oirnn lem bannal,
’s luaidhidh iad gu daingeann, lìomhaidh.
Dhaibhsan caileagan Chlann Ghriogair,
’s nuair a thig iad, nì iad sìor-luadh.
Dèanaibh an luadh-làmh gu guineach,
’s thugaibh fuil air mac na strìopaich!
Na b’ ionnan seo ’s an luadh dosgach
bha ’n Cùil Lodair nuair a phill sinn.
Cuireamaid na èideadh Teàrlach,
sracamaid an àird ar dìchill.
Mìle marbhphaisg air na brùidibh
nach do rinn fùcadh na thìom dhut.
Dh’ fhaodadh e bhith ’n dràsta umad
na thrusgan urramach rìobhail.
![]() |
This work was published before January 1, 1930, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago. |