Jump to content

Birlinn Chlann Raghnaill

From Wikisource
Birlinn Chlann Raghnaill (1751)
by Alasdair mac Mhaighstir Alasdair
154084Birlinn Chlann Raghnaill1751Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Birlinn Chlann Raghnaill

1
Beannachadh Luinge

Maille ri brosnachadh fairge, a rinneadh do sgioba is do bhirlinn tighearna Chlann Raghnaill.

Gum beannaicheadh Dia long Chlann Raghnaill
A'cheud là do chaidh air sàile,
E fèin 's a thrèin-fhir da caitheamh,
Trèin a chuaidh thar maitheas chàich.

Gum beannaich an Coimh-dhia naomh
An iùnnrais, anal nan speur,
Gun sguabte garbhlach na mara,
G' ar tarraing gu cala rèidh.

Athair, a chruthaich an fhairge
'S gach gaoth a shèideas às gach àird,
Beannaich ar caol-bhàirc 's ar gaisgich,
'S cum i fhèin 's a gasraidh slàn.

A Mhic, beannaich fèin ar n-acair,
Ar siùil, ar beartean, 's ar stiùir,
'S gach droineap tha crochte ri „r crannaibh,
'S thoir gu caladh sinn le d' iùl.

Beannaich ar racain 's ar slata,
Ar crainn 's ar teudaibh gu lèir
Ar stagh 's ar tarraing cùm fallain
'S na leig-s' ann ar cara beud.

An Spiorad Naomh biodh air stiùir,
Seòlaidh e 'n t-iùl a bhios ceart;
'S eòl da gach longphort fon ghrèin,
Tilgeamaid sinn fèin fo 'bheachd.

2
Beannachadh nan Airm

Gum beannaicheadh Dia ar claidhean
'S ar lannan Spàinteach geur, glas,
Ar lùirichean troma, màillich
Nach geàrrte le faobhar tais;

Ar làmhannan cruadhach 's ar gòrsaid,
'S ar sgiathan eun-dealbhach, dualach;
Beannaich gach armachd gu h-iomlan
Th' air ar n-iomchar 's ar crios-guaille;

Ar boghannan foinealach iubhair
Ghabhadh luthadh ri uchd tuasaid,
'S na saighdean beithe nach spealgadh,
Ann am balgan a' bhruic ghruamaich.

Beannaich ar biodag 's ar daga
'S ar n-èile gasd' ann an cuaichean
'S gach treallaich catha is còmhraig
Tha 'm bàirc Mhìc Dhòmhnaill san uair seo.

Na biodh simpleachd oirbh, no taise,
Gu dol air ghaisge le cruadal,
Fhad 's a mhaireas ceithir bùird dhith
No bhios càraid shùdh dhith fuaighte;

Fhad 's a shnàmhas í fo ur casaibh
No dh' fhuir'eas cnag dhith an uachdar,
Dh' aindeoin aon fhuathais gam faic sibh
Na meataicheadh gart a' chuain sibh.

Ma nì sibh cothachadh ceart
'S nach mothaich an fhairg' sibh dìblidh
Gun ìslich a h-àrdan 's a beachd
'S d' ur cosnadh sgairteil gun strìochd i.

Do chèile-còmhraig air tìr,
Mur faic e thu cinntinn tais,
'S dòich' e bhogachadh san strì
Na cinntinn idir nas brais'.

Is amhail sin ata 'mhuir mhòr -
Coisinn í le colg 's le sùrd
'S gun ùmhlaich í dhuit fa-dheòidh
Mar a dh'òrdaich Rìgh nan Dùl.

3
Brosnachadh iomraidh gu ionaid seolaidh.

Gun cuirt an iùbhraich dhubh dhealbhach
An àite seòlaidh:
Sàthaibh a-mach cleathan rìghne,
Liagh-lom, còmhnard;

Ràmhan mìn-lunnacha, dealbhach,
Socair, aotram,
A nì 'n t-iomradh toirteil, calma
Bos-luath, caoir-gheal;

Chuireas an fhairge 'na sradaibh
Suas sna speuraibh,
'Na teine-sionnachain a' lasadh
Mar fhras èibhlean.

Le buillean gailleacha tarbhach
Nan cleath troma,
A bheir air bhòc-thuinn thonn-anfaich
Lot le 'n cromadh;

Le sginean nan ràmh geal tana
Bualadh chollainn
Air mhullach nan gorm-chnoc gleannach,
Gharbhlach, thomach.

O, sìnibh, tàirnibh is lùbaibh
Anns na bacaibh
Na gallain bhas-leathann ghiùthsaich
Le lùths ghlac-gheal:

Na fuirbidhnean troma treuna
A' luigh suas orr'
Le 'n gàirdeanan dòideach, fèitheach,
Gaoisneach, cnuacach,

Thogas 's a leagas le chèile,
Fo aon ghluasad,
An gathan liagh-leabhar rèidhe
Fo bhàrr stuaghan;

Iorghaileach, garbh an tùs clèithe
Ag èigheach shuas orr'
Iorram a dhùisgeas an spèirid
Anns na guaillean,

Sparras a' bhirlinn le sèitrich
Roimh gach fuar-ghleann,
Sgoltadh na bòc-thuinne beucaich
Le saidh chruaidh chruim,
Dh' iomaineas beanntainean bèisteil
Roimh 'dà ghualainn.

Hùgan le cuan, nuallan gàireach,
Heig air chnagaibh,
Faram le bras-ghaoir na bàirlinn
Ris na maidibh,

Ràimh gam pianadh 's balgain fhal' air
Bois gach fuirbidh,
Na suinn làidir, gharbha, thoirteil
'S coip-gheal iomradh,

Chreathnaicheas gach bòrd dhe 'darach,
Bìth is iarunn;
'S lannan dan tilgeil le staplainn
Chnap r'a sliasaid.

Fòirne fearail a bheir tulgadh
Durrgha, dàicheil,
Sparras a' chaol-bhàirc le giùthsaich
An aodann àibheis;

Nach pillear le frìth nan tonn dubh-ghorm,
Le lùths ghàirdean:
Siud an sgioba neartmhor, sùrdail
Air chùl àlaich,

Phronnas na cuartagan cùl-ghlas
Le rinn ràmhachd,
Gun sgìos, gun airtneal gan lùbadh
Ri uchd gàbhaidh.

4
Iorram

An sin, an dèidh do sia feara deuga suidhe air na ràimhaibh, chum a h-iomradh fon ghaoith gu ionad-seòlaidh, do ghlaodh Calum Garbh mac Raghnaill nan Cuan iorram oirre, ’s e air ràmh-bràghad, agus is i seo i :-

A nis, on rinneadh bhur taghadh,
'S gur coltach dhuibh bhith nur roghainn,
Thugaibh tulgadh neo-chladharra dàicheil.

Thugaibh tulgadh neo-chearbach,
Gun airtneal, gun dearmad,
Gu freasdal na gailbhinne sàil-ghlais.

Tulgadh danarra treun-ghlac
A righeas cnàmhan is fèithean,
Dh'fhàgas soilleir o cheumannan àlaich.

Sgobadh fonmhor gun èislean
Ri garbh-phrosnachadh 'chèile
'S iorram gleusd' ann am beul fir a bràghad.

Cogall ràmh air na bacaibh,
Leòis is rùsgadh air bhasaibh,
'S ràimh da snìomh ann an achlaisean àrd-thonn.

Biodh bhur gruaidhean air lasadh
'S biodh bhur bois gun leòb chraicinn
Fallas mala bras-chnapadh gu làr dhìbh.

Sìnibh, tàirnibh is luthaibh
Na gallain liagh-leabhar ghiuthais,
'S dèanaibh uidhe roimh shruthaibh an t-sàile.

Cliath ràmh air gach taobh dhith
Masgadh fairge le saothair,
Dol 'na still ann an aodann na bàirlinn.

Iomraibh còmh-luath, glan, gleusda
Sgoltadh bòc-thuinne beucaich,
Obair shùnntach, gun èislein, gun fhàrdal.

Buailibh cothramach, treun i ,
Sealltainn tric air a chèile,
'S dùisgibh spiorad nur fèithean 's nur gàird'nibh.

Biodh a darach a' collainn
Ris na fiadh-ghleannaibh bronnach
'S a dà shliasaid a' pronnadh gach bàirlinn.

Biodh an fhairge ghlas thonnach
Ag at 'na garbh-mothar lonnach,
'S na h-àrd uisgeachan bronnach a'bàirich.

A' ghlas-fhairge sìor chopadh
Steach mu dà ghualainn thoisich,
Sruth ag osnaich o shloistreadh a h-eàrrlainn.

Sìnibh, tàirnibh is lùbaibh
Na gathan mhìn-lunnach chùl-dearg
Le iomarcaidh smùis air garbh-ghàirdean.

Cuiribh fuidhibh an rudh' ud,
Le fallas-mhailghean a' sruthadh
'S togaibh seòl rith' o Uibhist nan cràdh-ghèadh.

5
Dh’iomair iad an sin i gu ionad-seòlaidh

'S an sin nuair thàrr iad an t-seòlaid
Gu fìor ghasda
Shaor iad na sia ràimh dheuga
Steach roimh 'm bacaibh;
Sgathadh grad iad shìos r'a sliasaid
Sheachnadh bhac-bhrèid;

Dh' òrdaich Clann Raghnail d'a uaislean
Sàr sgiobaire-cuain bhith aca
Nach gabhadh eagal roimh fhuathas
No gnè thuarapaidh a thachradh.

6
Dh’ òrdaicheadh, an dèidh an taghadh, a h-uile duine a dhol an seilbh a ghrama àraidh fèin, ’s ’na cho-lorg sin, ghlaodhadh ris an stiùireamach suidhe air an stiùir anns na briathran seo :-

Suidheadh air stiùir trom-laoch leathann,
Neartmhor, fuasgailt
Nach tilg bun no bàrr na sumaid
Fairge uaithe;

Clàranach taiceil, làn spionnaidh,
Plocach, màsach,
Mìn-bheumanach, faicleach
Furachail, làn nàistinn;

Bùnnsaidh, cudthromach, garbh, socair,
Solta, lùthmhor,
Eirmseach, foighidneach, gun ghriobhaig
Ri uchd tùilinn;

Nuair a chluinn e an fhairge ghiobach
Teachd le bùirein,
Chumas a ceann caol gu sgibidh
Ris na sùghaibh,

Chumas gu socrach a gabhail
Gun dad luasgain,
Sgòd is cluas ga rian le amharc,
Sùil air fuaradh;

Nach caill aon òirleach na h-òrdaig
D' a cheart chùrsa
Dh' aindeoin bàrr sumaidean mara
Teachd le sùrdaig;

Thèid air fuaradh leath' cho daingean,
Masa h-èiginn,
Nach biodh lann no reang d'a darach
Nach toir eubh asd';

Nach taisich 's nach tèid 'na bhreislich
Dh' aindeoin fuathais;
Ged a dh' atadh a' mhuir cheann-ghlas
Suas gu chluasaibh,
'S ged a bhristeadh e 'na dheannaibh
Steach mu ghuaillibh;
Nach b' urrainn am fuirbidh chriothnachadh
No ghluasad

O ionad a shuidhe, 's e treunant,
'S ailm 'na asgaill,
Gu freasdal na seana-mhara ceanna-ghlais
'S gleanna-gharbh ascaoin;
Nach criothnich le fuaradh cluaise
An taod-aoire,
Leigeas leatha ruith is gabhail
'S làn 'na h-aodach,

Cheanglas a gabhail cho daingean
'M bàrr gach tuinne,
Falbh dìreach 'na still gu cala
'M bàrr gach buinne.

7
Dh’ òrdaicheadh a-mach far-beairte.

Suidheadh toirteal-laoch garbh-dhòideach
An gloic beairte,
A bhios staideil, làn de chùram,
Graimpidh, glac-mhor;

Leigeas cudthrom air ceann slaite
Ri h-àm cruadhaich,
Dh' fhaothaicheas air crann 's air acfhainn,
Bheir dhaibh fuasgladh,

Thuigeas a' ghaoth mar a thig i
A-rèir seòlaidh,
Fhreagras mìn, le fearas-bheairte,
Beum an sgòid-fhir;

Sìor chuideachadh leis an acfhainn
Mar a dh' fhaodas,
Mura fàillnich buille-bheairte
Reamhar ghaoisid.

8
Chuireadh air leth fear-sgòid.

Suidheadh fear-sgòid air an tobhtainn,
Gàirdean làidir
Nan ruigheannan gaoisneach, fèitheach,
Reamhar, cnàmhach;

Cràgan tiugha, leathann, cliathnach,
Meur-gharbh, cròcach,
Mach 's a-steach an sgòid a leigeas
Le garbh-sgròbadh;

An àm cruadhaich a bheir chuig' e,
Gaoth ma shèideas,
'S nuair a nì an oiteag lagadh
Leigeas beum leis.

9
Dh’ òrdaicheadh air leth fear-cluaise.

Suidheadh fear cnaparra, taiceil,
Gasda, cuanda,
Làimhsicheas a' chluas neo-lapach
Air a fuaradh,

Bheir imrich a-sìos 's a-suas di
Chum gach urracaig,
A-rèir 's mar a thig an soirbheas
No bàrr urchoid,

'S ma chì e an aonrais ag èirigh,
Teachd le osnaich
Lomadh e gu gramail, treunmhor
Sìos gu stoc i.

10
Dh’ òrdaicheadh don toiseach fear-eòlais.

Eireadh màirnealach 'na sheasamh
Suas don toiseach
'S dèanadh e dhuinn eòlas seasmhach
Cala a choisneas,

Sealladh e an ceithir àirdean
Cian an adhair,
'S innseadh e do dh' fhear na stiùireadh
'S math a gabhail,

Glacadh e comharra-tìre
Le sàr shùil-bheachd,
On 's esan as dia gach sìde
Is reul-iùil duinn.

11
Chuireadh air leth fear air calpa na tàirne.

Suidheadh air calpa na tàirne
Fear gun soistinn,
Snaomanach fuasgailteach, sgairteil,
Foinnidh, solta;

Duine cùramach gun ghriobhag,
Ealamh, guamach,
A bheir uaipe 's dhi mar dh' fheumas,
Gleusda, luaineach,

Laigheas le spadhannan troma,
Treun air tarraing,
Air cudthrom a dhòid a' cromadh
Dh' ionnsaigh daraich;

Nach ceangail le sparraig mun urracaig
An ròb frithir
Ach gabhail uime daingeann, seòlta
Le lùb-ruithe,

Air eagal ', nuair a sgarar an t-abhsadh,
I chur stad air,
Los i ruith 'na still le crònan
Bhàrr na cnaige.

12
Chuireadh air leth fear-innse-nan-uisgeachan agus an fhairge air cinntinn tuilleadh is molach, agus ’s thuirt an Stiùireamaich ris:-

Suidheadh fear-innse gach uisge
Làimh ri m' chluais-sa,
'S cumadh e shùil gu biorach
An cridhe an fhuaraidh.

Tagham an duine leth-eagalach,
Fiamhach, sicir,
'S cha mhath leam e bhith air fad
'Na ghealtair riochdail.

Biodh e furachair nuair chì e
Fuaradh froise,
Cia dhiùbh bhios an soirbheas 'na deireadh
No 'na toiseach;

Gun cuireadh e mise am fhaicill
Suas gam mhosgladh;
Ma nì e gnè chunnairt fhaicinn
Nach bi tosdach;

'S ma chì e coltas muir-bhàite
Teachd le nuallan
Sgairteas cruaidh ceann-caol a fiodha
Chumail luath ris;

Biodh e àrd-labhrach, cèillidh,
'G èigheach bàirlinn,
'S na ceileadh e air fear na stiùireadh
Ma chì gàbhadh.

Na biodh fear-innse-nan-uisgean
Ann ach esan:
Cuiridh griobhag, briot is gusgul
Neach 'na bhreislich.

13
Dh’ òrduicheadh a mach fear-taomaidh, ’s an fhairge a’ bàrcadh air am muin, rompa is ’nan dèidh.

Freasdladh air leaba na taoma
Garbh laoch fuasgailt
Nach fannaich gu bràth 's nach tiomaich
Le gàir chuaintean;

Nach lapaich 's nach meataich fuachd sàile
Na clach-mheallain
Laomadh mu bhroilleach 's mu mhuineal
'Nam fuar-steallaibh,

Le crumpa mòr cruinn garbh fiodha
'Na chiar dhòidibh,
Sìor-thilgeadh a-mach na fairge
Steach a dhòirteas;

Nach dìrich a chaoidh a dhruim lùthmhor
Le rag-eàrlaid,
Gus nach fàg e siola an grùnnd
No 'n làr a h-èarrlainn,

'S ged chinneadh a bùird cho tolltach
Ris an ruidil,
Chumas cho tioram gach cnag dhith
Ri clàr buideil.

14
Dh’ òrduicheadh dithis làidir ghramail gu draghadh nam ball chùl-aodaich is coltas oirre gun tugte na siùil uatha le ro-ghairbhid na sìde.

Cuiribh càraid làidir, chnàmh-reamhar,
Ghairbhneach, ghaoisneach,
Gu freasdladh iad tàirneant, treunant
Buill chùl-aodaich,

Le smùis is le meud lùiths
An ruighean treuna
'N àm cruadhaich a bheir orra steach
No leigeas beum leis,

Chumas gu sgiobalta a-stigh e
'Na teis-meadhon,
Dh' fhòghnadh Donncha MacCarmaig
'S Iain mac Iain,
Dithis starbhanach theòma, ladarn,
Dh' fhearaibh Chanaidh.

15
Thaghadh seisear gu fearas-ùrlair, an earalas gu fàilnicheadh aonfhear de na thuirt mi, no gu sgrìobadh anfadh na fairge mach thar bòrd e, is gu suidheadh fear dhiubh seo ’na àite.

Eireadh seisear ealamh, ghleusda
Làmhach, bheòtha
Shiùbhlas 's a dh' fhalbhas 's a leumas
Feadh gach bòrd dith
Mar gheàrr-fhiadh am mullach slèibhe
'S coin da còpadh;

Streapas ri cruaidh-bhallaibh rèidhe
Den chaol-chòrcaich
Co-ghrad ri feòragan Cèitein
Ri crann rò-choill;

Bhios ullamh, ealamh, treubhach,
Falbhach, eòlach,
Gu toirt dhi 's gu toirt an abhsadh
'S clabhsail òrdan:
Chaitheas gun airtneal, gun èislein
Long Mhic Dhòmhnaill.

16
Bha h-uile goireas a bhuineadh do’ n t-seòladh a nis air a chur ann an deagh riaghailt , agus theann a h-uile laoch tapaidh, gun taise, gun fhiamh, gun sgàthachas, thun a’ cheart ionaid an d’ òrduicheadh dha dol; is thog iad na siùil ann an èirigh na grèine, La Fhèill Brìghde, a’ trogbhail a-mach bho bhun Loch Aoineart an Uibhist a’ Chinn-a-deas.

'Ghrian a' faoisgneadh gu h-òr-bhuidh
As a mogul,
Chinn an speur gu dùldaidh, dòite,
Làn de dh' oglachd,

Dh' fhàs i tonn-ghorm, tiugh, tàrr-lachdann
Odhar, iargalt;
Chinn gach dath bhiodh ann am breacan,
Air an iarmailt.

Fadadh-cruaidh 's an àird-an-iar oirr',
Stoirm 'na coltas,
'S neòil shiùbhlach aig gaoith gan riasladh,
Fuaradh-frois' oirr'.

Thog iad na siùil bhreaca,
Bhaidealacha, dhìonach,
Shìn iad na coilpeinean raga,
Teanna, rìghne
Ri fiodhannan arda, fada
Nan colg bìth-dhearg;

Cheangladh iad gu gramail, snaompach,
Gu neo-chearbach
Roimh shùilean nan cromag iaruinn
'S nan cruinn fhailbheag;

Cheartaich iad gach ball den acfhainn
Ealamh, dòigheil;
'S shuidh gach fear gu freasdal tapaidh
'Bhuill bu chòir dha.

'Sin dh' fhosgail uinneagan an adhair
Ballach, liath-ghorm
Gu sèideadh na gaoithe greannaich
'S bannail, iargailt';

Tharraing an cuan a bhrat dùbhghlas
Air gu h-uile,
Mhantal garbh, caiteanach, ciar-dhubh,
'S sgreataidh buinne;

Dh' at e 'na bheanntaibh 's 'na ghleanntaibh,
Molach, robach,
Gun do bhòc an fhairge cheigeach
Suas 'na cnocaibh.

Dh' fhosgail a'mhuir ghorm 'na craosaibh
Farsaing, cràcach,
An glaicibh a chèile ri taosdadh,
'S caonnag blàsmhor;

Gum b' fhear-ghnìomh bhi 'g amharc an aodann
Nam màm toinnte,
Lasraichean sradanach sionnachain
Air gach beinn diubh,

Na beulanaich àrda, liath-ghorm
Ri searbh bheucail,
Na cùlanaich 's an cladh dùldaidh
Ri garbh gheumnaich;

Nuair a dh' èireamaid gu h-allail
'M bàrr nan sonn sin
B' èiginn an t-abhsadh a bhearradh
Gu grad-phongail;

'Nuair theàrnamaid le ion-slugaidh
Sìos sna gleanntaibh
Bheirte gach seòl a bhiodh aice
'M bàrr nan crann dith;

Na ciasanaich àrda chroma
Teachd sa' bhàirich,
Mus tigeadh iad idir nar gaire
Chluinnt an gàirich,

Iad ri sguabadh nan tonn beaga
Lom, dan sgiùrsadh,
Chinneadh i 'na h-aon mhuir bhàsmhor ,
'S càs a stiùireadh;

Nuair a thuiteamaid fo bhàrr
Nan àrd-thonn giobach
Gur beag nach dochainneadh a sàil
An t-aigeal sligneach.

An fhairge 'ga maistreadh 's ga sluistneadh
Roimh a chèile;
Gun robh ròin is mialan-mòra
'M barrachd èiginn;

Anfhadh is confadh na mara
'S falbh na luinge
Sradadh an eanchainnean geala
Feadh gach tuinne,

Iad ri nuallanaich àrd, uaimhinneach,
Searbh-thùrsach,
Ag èigheach gur ìochdarain sinne
Dragh chum bùird sinn.

Gach mion-iasg a bha san fhairge
Tàrr-gheal, tionndaidht',
Le gluasad confadh na gailbhinn
Marbh gun chùnntas;

Clachan is maorach an aigeil
Teachd an uachdar,
Air am buain a-nìos le slacraich
A' chuain uaibhrich;

An fhairg' uile 's i 'na brochan
Strioplach, ruaimleach,
Le fuil 's le gaorr nam biast lorcach
'S droch dhath ruadh oirr',

Na biastan adharcach, iongnach,
Pliutach, lorcach,
Làn cheann, 's iad 'nam beòil gu 'n gialaibh,
'S an craos fosgailt.

An aibheis uile làn bhòcan
Air an cràgradh,
Le spògan 's le earbaill mhòr-bhiast
Air a màgradh.

Bu sgreamhail an ròmhan sgriachaidh
Bhith da èisdeachd,
Thogbhadh iad air caogad mìlidh
Aotrom cèille:

Chaill an sgioba càil an claisneachd
Ri bhi ag èisdeachd
Ceilearadh sgreadach nan deamhan
'S mothar bhèistean.

Foghar na fairge, 's a slachdraich
Gleachd r' a darach,
Fosghair a toisich a' sloistreadh
Mhuca-mara.

Ghaoth ag ùrachadh a fuaraidh
As an iar àird,
Bha sinn leis gach seòrsa buairidh
Air ar pianadh;

Sinn dallte le cathadh fairge
Sìor dhol tharainn,
Tàirneanach aibheiseach rè oidhche,
Is teine-dealain;

Peileirean beithrich a' losgadh
Ar cuid acfhuinn,
Fàileadh is deathach na riofa
'Gar glan-thachdadh;

Na dùilean uachdrach is ìochdrach,
Rinn a cogadh:
Talamh, teine, uisge is sian-ghaoth
Ruinn air togail.

Ach 'nuair dh' fhairtlich air an fhairge
Toirt òirnn strìochdadh,
Ghabh i truas le fàite-gàire,
Is rinn i sìth ruinn.

Ged rinn, cha robh crann gun lùbadh,
Seòl gun reubadh,
Slat gun sgaragh, rac gun fhàilinn,
Ràmh gun èislean;

Cha robh stagh ann gun stuadh-leumnadh,
Beart gun ghaise,
Tarruing no cupladh gun bhristeadh,
Fise, faise !

Cha robh tobhta no beul-mòr ann
Nach tug aideach',
Bha h-uile crannghail is goireas
Air an lagadh;

Cha robh achlasan no aisean dhith
Gun fhuasgladh;
A slat-bheòil 's a sguitichean-asgaill
Air an tuairgneadh.

Cha robh falmadair gun sgoltadh,
Stiùir gun chreuchdadh;
Cnead is dìosgan aig gach maide
Is iad air dèasgadh.

Cha robh crann-tarrunn gun tarruing,
Bòrd gun obadh;
H-uile lann bha air am barradh,
Ghabh iad togail.

Cha robh tarrang ann gun tràladh,
Cha robh calpa ann gun lùbadh:
Cha robh aon bhall a bhuineadh dhì-se
Nach robh na's miosa na thùbhradh.

Ghairm an fhairge sìoth-shaimh ruinne
Air crois Chaol Ile;
Gun d' fhuair a'gharbh-ghaoth shearbh-ghlòireach
Ordugh sìnidh.

Thog i uainn do ionadaibh uachdrach
An athair,
'S chinn i dhuinn 'na clàr rèidh mìn-gheal,
An dèidh a tabhuinn.

Thug sin buidheachas do'n Ard-righ
Chum na dùilean,
Deagh Chlann Raghnaill a bhi sàbhailt
O bhàs brùideil.

An sin bheum sinn na siùil thana
Bhallach, thùilinn;
'S leag sinn a croinn mhìn-dhearg ghasd'
Air fad a h-ùrlair.

Chuir sinn a mach ràimh chaola bhaisgeant'
Dhaithte mhìne,
De'n ghiuthas a bhuainn Mac Bharrais
An Eilean Fhìonain.

Rinn sinn an t-iomramh rèidh tulganach,
Gun dearmad:
'S ghabh sinn deagh longphort aig barraibh
Charraig Fhearghuis.

Thilg sinn acraichean gu socair
Anns an ròd sin;
Ghabh sinn biadh is deoch gun airceas,
'S rinn sinn còmhnuidh.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.