Jump to content

An Airce

From Wikisource
154171An Airce1751Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

An Airce

Adhra mhìalach nan cat,
Air dhealbh nathrach ‘s a grunnd fuar,
‘Nuair thig Tomas le chuid each,
Bidh là nan creach mu d’ bhruaich.

Thig seann fhàisdinnean, gu teach,
Bheir a chuidheall car mu’n cuairt,
Am fear tha ìosal bidh gu h-àrd,
Fear eile gu làr gu luath.

Thig claidheamh, tein’ agus càs,
Tuil-bheum sgriosach, bhàiteach bhuan,
Air gach seorsa sluaigh is caorach,
Eadar Adhra ‘s Uisge Chluaidh.

Bidh t’ inbhir ‘s do ghlinn an staid chruaidh,
Lasair ruadh a’ gualadh stiall,
Frasan teine tolladh sgamhan,
Pìob is canain feannadh chiad.

Na prionnsach’ cho cruaidh ri creig,
‘G éirigh air an corra-biod,
Ri steiceadh lag toirt orr’ glag,
Aig meud am buig.

Tha dioghaltas le guth àrd,
Mar bha fuil Abeil ‘s an speur,
‘G iolach ‘s ag ùirnigh gu h-àrd
Gort is plàigh theachd air gach cré.

Air gach cré a dhearg an làmh
Anns na rinneadh oirnn de bhruid,
De dh’ uaislibh onarach prìseil
Nan tri rìoghachd bho ghniomh curst’.

Thig plaighean na h-Eiphit gu léir
Bho speuraibh ‘s an talamh g’ur murt,
Cuid eile dhiobh leum bharr chreagaibh,
Mar a thachair do’n treud mhuc.

Ged chaidh mi gu m’ shuain gu h-òrdail,
Mar bu chòir do’n h-uile Criosdaidh,
Chunnacas bruadar de dh’ion bòcain,
Chuir air bhalla-chrith m’fheòil is m’fhiaclan.

An déis dhomh tuiteam ann am chadal,
Chunnacas aisling chuir orm cùram,
Guth ‘g am mhosgladh suas gu sgairteil,
Dol air theachdaireachd ‘nuair dhùisginn;

Dhol chur nan Guibhneach ‘na faicill,
Gu’n robh cruaidh bhreitheanas oillteil
Ri teachd orr’ as leth am peacaidh,
An cuid creach, ‘s an cleachdadh treusoin.

‘S gur beag nach b’ aithreach le Dia
Gu’n do ghin e riamh am pòr,
Dream a thréig an Dia ‘s an rìoghachd,
‘S a rinn ìodhol d’an cuid òir.


Dh’earbadh rium esan a ruighinn,
Alastair cridhe lean deònach,
Ris an standard sin Phrionns’ Teàrlach,
Dh’fhuilngeadh bàs as leth na còrach.

Dh’ earail an guth labhairt ris-san,
A chlisgeadh fios chur air saoraibh,
A dheanadh gun fhàilinn da (f)àrdoch,
Ro’ n tuil ghàbhaidh bha gu taosgadh.

‘S amhuil sin a labhair mise,
Gun ghnè chur ris no thoirt bhuaithe;
Labhair mi ris rìoghail, sgairteil,
Dol mu’n teachdaireachd ri luaithir.

A Naoi Chaimbeulaich an àigh,
Dean Airce dhuit féin a bhios pailt,
Sàbhail do theaghlach gu luath,
Tha ‘n tuil ruadh a’ teachd air n-ais.

Cha ruig i leas a bhi ro mhòr,
Gu foghainn dhi a bhi beag,
Ceithir fichead làmh-choille ‘s a dhà,
‘S biodh i cho làidir ri creig.

Cha d’thainig duine bho d’fhreumh,
A shìolaich bho baron chúiphochd,
Saor bho bhuilsgean Loch-nan-eala,
Mur faigh carraid gu faigh croich.

Sibh fein as coireach ri ‘r dìteadh,
A thréigsinn ‘ur rìgh ‘s ‘ur dùthcha,
‘Nuair dhìobair sibh Dia ‘s an fhìrinn,
‘S oighre glan lìneach rìgh Stiubhard.

Tog de d’ mhobhsgaid ‘s thoir ort sùrd
Air Airc ùr a dheanamh suas,
Thig an tuil-bheum ud cho cas,
Mar thig fras am Faoilleach fuar.

Paidhir de gach seors’ as fearr
As gach meur a chinn á d’ stoc,
Thoir cuide riut anns an Airc,
Tha muir bàite-sa teacht ort.

Mu mhnaibh, cha tig iad ad charaibh,
Cha’n ‘eil cunnart orra ‘n dràsta,
Bho nach nàdarra d’an seòrsa
Éirigh le Deòrsa no Teàrlach.

Ma thig a’ bhana-bhàrd ad lìonaibh,
Osdag mhì-narach an Obain,
Ceangail acair rì(the) de bhranndaidh,
Gu bhi toirt dram do na rònaibh.

Ach ma chinneas i ‘na Ionah,
A’ slugachdainn beò le muic mhara,
Gu meal i a cairtealan fheòlain,
Ach a sgeith air còrsa Chanaidh.

Bàrcaidh an tuil ‘nuair nach saoil thu,
‘S maith a dh’fhaoidte gur h-ann an diugh
Tàrr leat do dhilsean ‘s gach caraid,
‘S Barrnacaraidh fàg a muigh.

Thig so cho cas ri beum-sléibhe,
Sgrothaidh e leis gach ni thachras,
Na Caimbeulaich bho’n is réubail,
Lomaidh e geur bho na clachaibh.

Gun trocaire cuirear as daibh,
Lannar as iad le reachd àraid,
Gu h-àraid Herod Iudea
Sgrios clann Bhethel ‘sireadh Theàrlaich.

Na tugadh dì-chuimhn’ no mobhsgaid
Ort Loudon fhagail an dearmad,
‘S fear eile ni mach am paoidhre,
Ge bu traoitear gheibh e tearmunn.

Thoir dhachaidh Dughall is Iain,
‘S gach fear tha dligheach dhuit teasraig,
‘S de gach teaghlach eile càraid,
Cuir ad Airc, ach fàg Sroneasgair.

Tomhais agus cuir ri meidh iad,
An dias as cudamaich dhiubh tearuinn,
Mur faigh thu cuplachadh ceart diubh,
Leis a’ chraiceann leig an t-earball.

Na toir neach air bòrd gu d’leastair
Ach pòr de fhleasgaichibh calma,
Na leig gnè eunlaith a steach ort,
Ach gu teachdaireachd dà chalaman.

Achachrosain ‘s Achamhuilinn,
Fàg aig an tuil iad d’an stìopadh,
Gus an caill iad an cuid saluinn
Fhuair iad á saille (an) sinnsreadh.

Tilg mac prothaist Donnchadh ‘s an fheamainn,
Gu deanamh do Neptun ceilpe,
‘S mur h-òl e na gheibh e ‘n t-sàile,
Sìor chum ris an daoi-fhear celti.

Edarlinn a chinn ‘na chocles,
Seumas am procadair cliùtach,
Tilg fo bheinn nam barr-rochd iad,
Mallachd nochd is bhochd ud Mhùideart.

Mar sin agus Noble goiceach,
Poca croite bhios aig Iudas;
‘S ge toigh le d’chàirdean a’ phlàigh ud,
Leig fo shàil an daoi-fhear dùbailt’.

Cum a muigh gach fear de d’sheòrsa,
As Deòrsach da rireadh ‘na chridhe;
Na ceum thairis do Chomission,
Mu’n dean na’s miosa riut tighinn.

Druid a mach lobhar na h-Oitreach
Gus an caill e otrach dheamhnaidh,—
Gu faic mi toradh do mhalairt
Teachd le ballaibh as do sgòrnan.

Cum ri Sir Donnchadh an càbin,
‘S buin gu còir ri Inbhear-atha
‘S bho bhios tu pailt de dhibh Fhrangaich,
Cum gun taing riu casg am pathaidh.

Mu dheidhinn fir Choire-chunna,
Na fàg an cunnart nan tonn e,
Thoir air bòrd a steach an duine ud,
‘S buin ris urramach neo-lombais.

Cum a mach fear Chnoc-buidhe,
Ach guidheam ort na leig a bhàthadh,
Ceangail gu daingean ris buoi,
Bheir snàmh dha ‘n uidheam a’ chrà-gheoidh.

S nuair nighear e d’a ana-bhlas Deorsach,
‘S an fhairg’ air a leon air fas miota
Spìon a steach e ‘s thoir dha cordial,
A bheir beò e ‘n deis a shliobraich.

Bidh tigh Chaladair an dòchas
Gu leig thu air bòrd gu léir iad,
Bho’n tha ‘n cogais teann ‘g an sgròbadh
Nach h-e Deòrsa an rìgh ach Seumas.

Ach coinnsionaicheam thu le h-òrdugh
An Rìgh mhòir d’an còir dhuit géilleadh,
Tilg a mach iad uile air flèodradh,
‘S àrcan mor fo chòrr an sgéithe.

Bidh sin mar phurgadair aca,
‘G an glanadh’s ‘gan cartadh bho ‘n 6traich,
An sin ‘nuair sgurar iad bho’m peacadh,
Thoir gu caomh a steach air bird iad.

Ceangail cù, cat, is clach-mhuilinn,
Ri muineal burrail Mhic Nibhein,
Tilg sios e le neart ‘s le cudum
An craos sluganach na dìleann.

Air neo, ma’s e do thoil fein e,
Cum agad e gu feum fithich,
‘S biodh e cuide ris a’ chalaman;
Gu’n cuirt’ air falbh iad ‘nan dithis.

Southall, creachadair nam bantrach,
Nan dilleachdan fann, ‘s nan deòraidh,
Iobair suas air altair Neptuin,
Air son a chreachan ‘s a dhò-bheart.

Tighearna nan Ard, ma chasas
E riut ‘s e ‘g asnachadh dìdein,
Tha e de sheòrsa glan suairce
Nach robh fuar do’n teaghlach rìoghail.

Thoir dhasan ionad cho taitneach
‘S a bhios agad anns an Airce,
Biadh is aodach ‘s mòran dibhe,
‘S giullachd gu h-innich d’a chàirdean.

Caiptin Sgibinnis an traoitear,
Ged robh e raoiceil ‘s a’ gal riut,
Tearmad no iochd cha do thoill e,
Rìgh nan slaoightirean am balach.

Ceangail bolla lìn mu mhiadhon
Bheir pian dha ‘s dligheach d’a choire,
‘S nuair bhios e de phlubraich curraidh,
Slaod leat gu h-ullamh a stigh e.

Donnachadh buidhe Mac-an-Aba,
An glagaire fada seòlta,
Thoir urchair dha air an aigeal
Gu leaba chadail nan sòrnan.

Gabh air laimh Iain bàn na Coinnil,
Mo dhilsein coinniullach gràdhach,
Thoir dha biadh is deoch is coinneal,
Boul agus gloine ‘s a’ chàbin.

Mo bheannachd ort fein, a bhobain,
Nach do dh’ob bhi rìoghail deònach,
An saoghal busgadach claon-cham,
‘S do chinneadh daonda le Dèorsa.

B’ anabharrach do chudum rìoghail,
Nach do spìonadh mar ri càch thu,
Leis an tuil-bheum ud bha coitcheann
Eadar an Oitir ‘s Bucàrna.

An eachdrainnean Sheumuis bidh sgrìobhta
D’a mhac prìseil do neo-mhealltachd,
Cho làn de bhuadhannan rìoghail
Ei h-ugh brìdein mu uchd Bealltainn.

Gheibh thu cùirt is moran cliù,
‘S bidh tu buidheach air a dheireadh,
Dean cabhag air tèarr ‘s air ballaibh,
‘S dean Airc de dharach Loch Seile.

Mac Dheòrs’ òig, ged thuit e ‘m peacadh,
Le impidh prasgain ‘s le gòraich,
Leig plumadh dha dh’ionnsuidh’n aigeil,
‘S thoir gu grad a steach le d’ ròp e.

Spàrr Aisginnis ann an tuba,
‘S fàg e fo luideart an anfhaidh,
Biodh e measg nan tonn air uideil,
Gus an caill e chuid de’n ain(th)eas.

Ma dh’ fhair’eas tu Caiptin Donnchadh
Am measg an tromlaich ‘g ad ruighinn,
‘G ad atach a’ guidhe bùird ort,
Cuidhill gu sùrdail steach ‘nad chri’ e.

Richardson, grad thilg thar stoc e,
‘S tric a thog dhuinn tosta Theàrlaich,
Bho ‘n a shleamhnaich e ‘na chreideamh,
Ascaoin Eaglais air a’ mhèirleach.

Gach ministeir Guibhneach bha ‘g ùirnigh,
‘S a shùilean dùinte ‘g ar damnadh,
Fàg ann am purgadair bùirn e,
Gus an caill e sgùrainn anma.

Ma chi thu fear a’ chreidimh dhìomhair
A’ fuireach gu gle chian an uachdar,
Ma sgairteas e “Dia ‘s Righ Seumas,”
Spìon le teumadh steach air ghruaig e.

Ach gabh-sa mu thimchioll do ghnothaich,
Gun mhoill, gun choimheirp, gun fhàillinn,
‘S mar a dh’àithn am B(r)igadier,
Air chionn na dìle dean Airce.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.