Jump to content

Òran don Prionnsa

From Wikisource
Òran don Phrionnsa (1751)
by Alasdair mac Mhaighstir Alasdair
154087Òran don Phrionnsa1751Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Òran don Phrionnsa

O hì ri rì, tha e tighinn,
O hì ri rì, 'n rìgh tha bhuainn;
Faigheamaid ar n-airm 's ar n-èideadh,
'S breacan an fhèilidh an cuaich.

'S èibhinn leam fhìn, tha e tighinn,
Mac an rìgh dhlighich tha bhuainn,
Slios mòr rìoghail dan tig armachd,
Claidheamh is targaid nan dual.

'S ann a' tighinn thar an t-sàile
Tha 'm fear àrd as àille snuadh,
Marcaich' sunndach nan steud-each
Rachadh gu h-eutrom san ruaig.

Samhail an Fhaoillich a choltas,
Fuaradh-froise 's fadadh-cruaidh,
Lann thana na làimh gu cosgairt,
Sgoltadh chorp mar choirc' air cluain.

Torman do phìoba 's do bhrataich
Chuireadh spiorad bras san t-sluagh;
Dh'èireadh ar n-àrdan 's ar n-aigne,
'S chùirte air a' phrasgan ruaig.

Tàirneanach a' bhom 's a' chanain,
Sgoilteadh e 'n talamh le chruas,
Fhreagradh dha gach beinn 's gach bealach,
'S bhòdhradh a mhac-tall' ar cluas.

Gur mairg dan èideadh san là sin
Còta grànd' den mhàdar ruadh,
Ad bhileach dhubh is cocàd innt' -
Sgoiltear i mar chàl mun cluais.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.